Go to Google Groups Home    GMSblog
Re: Tuilleadh airson luchd-ionnsachaidh

Alison <alison.l...@gms.org.uk>

Tapadh leat, a neach-ionnsachaidh. Ged a thuirt sinn gu soilleir
"DON'T START A NEW POST" (sa Bheurla, ge-ta, tha fios agam) tha mi dol
a thoirt mathanas dhut -- an trup seo! -- oir is e deagh cheist a tha
thu a' cur.

Tha sannt agus acras air luchd-ionnsachaidh airson stuth Gaidhlig,
sgriobhte agus air a chraoladh, agus air cothroman a bhith a'
cleachdadh agus a leasachadh an cuid Ghaidhlig, agus tha mi cinnteach
gum bi luchd-ionnsachaidh a-measg na daoine as dilse dhan t-seirbheis
uir ma tha na programan a theid a-mach eir tarraingeach dhaibh. Is e
a' cheist a th' ann, de bhios tarraingeach agus feumail? Eil cursa
teagaisg no gramar ro thioram, no an e seo an dearbh rud a tha a
dhith?

On 30 Aug, 15:49, neach-ionnsachaidh <grai...@hotmail.com> wrote:

> Programan airson luchd-ionnsachaidh mas e do thoil e!

> Deasbaid gràmair? Chan eil mi tarraing às leis a sin. Cluba 'Teach
> yourself Gaelic.' Seall air cuisean a tha a' dol air adhart air na
> Fòrams Gàidhlig.

> Naidheachdan bho Tìr nam Blòg' mar eisimpleiren, dè tha dol air a'
> choimhearsnachd Gàidhlig 'mas fhìor' eadar-nàiseanta.www.tirnamblog.coagus làraichean eile.

> Tuilleadh den leithid seohttp://www.youtube.com/watch?v=qN3SjRlFEH8

> agus seohttp://www.youtube.com/watch?v=MHJ1ZGKw16A

> Agus Carson nach bu choir a leithid se a bhith faighinn àite le bhideo
> agus webcamshttp://www.gaelcast.com/

> 'S e sin mo bheachdsa co-dhiù agus tapadh leibh gu dearbh airson a'
> chothruim a tha seo airson a bhith ga mhìneachadh.