Sunday a chur an ard mar "file" (faic bonn na duilleig). Tha Murchadh
leithid Can Seo no Speaking our Language.
> 'S iomadh bliadhna o bha mi ag ionnsachadh na Gearmailteis, ach 's e
> aon dhe na prògraman-telebhisein a bu chuideachaile - Dallas! Bha
> sgeul ann a bha furasta ri leantainn, agus cha robh a' chainnt ach gu
> math simplidh (air ath-chlàradh sa Ghearmailteis). Chan eil fhios nach
> gabhadh an leithid a dhèanamh sa Ghàidhlig (ged a tha ath-chlàradh car
> daor. Tha dràma làitheil à Mexico a' tarraing fàilte anns an Ruis, mar
> eisimpleir - nach biodh prògram mar sin tarraingneach, fiù mar annas?
> On 30 Aug, 16:01, Alison <alison.l...@gms.org.uk> wrote:
> > Tapadh leat, a neach-ionnsachaidh. Ged a thuirt sinn gu soilleir
> > "DON'T START A NEW POST" (sa Bheurla, ge-ta, tha fios agam) tha mi dol
> > a thoirt mathanas dhut -- an trup seo! -- oir is e deagh cheist a tha
> > thu a' cur.
> > Tha sannt agus acras air luchd-ionnsachaidh airson stuth Gaidhlig,
> > sgriobhte agus air a chraoladh, agus air cothroman a bhith a'
> > cleachdadh agus a leasachadh an cuid Ghaidhlig, agus tha mi cinnteach
> > gum bi luchd-ionnsachaidh a-measg na daoine as dilse dhan t-seirbheis
> > uir ma tha na programan a theid a-mach eir tarraingeach dhaibh. Is e
> > a' cheist a th' ann, de bhios tarraingeach agus feumail? Eil cursa
> > teagaisg no gramar ro thioram, no an e seo an dearbh rud a tha a
> > dhith?
> > On 30 Aug, 15:49, neach-ionnsachaidh <grai...@hotmail.com> wrote:
> > > Programan airson luchd-ionnsachaidh mas e do thoil e!
> > > Deasbaid gràmair? Chan eil mi tarraing às leis a sin. Cluba 'Teach
> > > yourself Gaelic.' Seall air cuisean a tha a' dol air adhart air na
> > > Fòrams Gàidhlig.
> > > Naidheachdan bho Tìr nam Blòg' mar eisimpleiren, dè tha dol air a'
> > > choimhearsnachd Gàidhlig 'mas fhìor' eadar-nàiseanta.www.tirnamblog.coaguslàraichean eile.
> > > Tuilleadh den leithid seohttp://www.youtube.com/watch?v=qN3SjRlFEH8
> > > agus seohttp://www.youtube.com/watch?v=MHJ1ZGKw16A
> > > Agus Carson nach bu choir a leithid se a bhith faighinn àite le bhideo
> > > agus webcamshttp://www.gaelcast.com/
> > > 'S e sin mo bheachdsa co-dhiù agus tapadh leibh gu dearbh airson a'
> > > chothruim a tha seo airson a bhith ga mhìneachadh.- Hide quoted text -
> > - Show quoted text -- Hide quoted text -
> - Show quoted text -